Tiocaidean na Fčise - Festival TicketsMa tha feum agad air àite-fuirich aig an fhèis tadhal air duilleag àite-fuirich
Airson tiocaidean a ghleidheadh air fòn le cairt-creideis no airson tiocaidean a cheannach le seic, airgead no cairt-creideis thu fhèin cuir fios gu Ionad Neibheis, An Àird, An Gearasdan air 01397 700707 (faic am map gu h-ìosal).
Gheibhear air tiocaidean a ghleidheadh is a cheannach air-loidhne tro sheirbheis loidhne-eàrlasachaidh-d . Thoir sùil tron phrògram airson an tachartais a tha thu ag iarraidh agus brùth air a’ cheangal, "Book" ri thaobh. Gheibhear tiocaidean ro-phàighte bho oifis nan tiocaidean aig Ionad Neibheis air feasgar sam bith den fhèis bho 6f. Gheibhear lasachadh airson buidhnean de 10 no barrachd. Aire: ‘S ann dha daoine fo-aois 16 a-mhàin a tha lasachaidhean.
Poileasaidh iomlaid is ath-dhìolaidh Cha ghabh tiocaidean iomlaideachadh, ath-dhìoladh no a chur air ais mura bi an tachartas air a chur dheth, air atharrachadh gu àm eile no an taisbeanadh no an àite-coinneachaidh air atharrachadh an dèidh an tiocaid a cheannach. Ma thèid tachartas a chur dheth ri linn suidheachaidhean nach eil fo smachd nan eagraichean, cha tèid ach luach na tiocaid ath-dhìoladh. Feuchaidh na h-eagraichean ri fios a chur gun fheadhainn aig a bheil tiocaidean tro fòn, tro brath-d no ann an sgrìobhadh a’ cleachdadh an fhiosrachaidh a fhuaras aig àm ceannachd. ‘S e dleastanas an neach-dèiligidh faighinn a-mach a bheil an tachartas a’ dol air adhart mar a chaidh a shanasachadh an toiseach. Chan urrainn dha na h-eagraichean gealltanas a thoirt mu atharrachaidhean ann an cinn-là, uair, àite no susbaint an tachartais. Bithibh mothachail gu bheil am poileasaidh gu h-àrd co-cheangailte a-mhàin ri na prìomh thachartasan a bha gu bhith ann an Taigh-cluiche na Fèise Ionad Neibheis , An Gearasdan.
Taigh-cluiche na Fèise aig Ionad Neibheis.‘S e An Ionad Nibheis am prìomh ionad againn airson filmichean is òraidean. Tha rùm ann an Taigh-cluiche na Fèise airson suas ri 500 neach agus tha filmichean is ìomhaighean air an tilgeil air scrion 20’ le sàr shiostam claisteach fuaim-chuairtichte.
Tha Taisbeanadh Ealain is Dealbhan na Fèise air fhoillseachadh ann an Ionad Neibheis, far am faodar ealain sònraichte is ìomhaighean dealbhach a mhealtainn a thuilleadh air cothrom bhòtadh airson an ealain as fheàrr leat. Fosglaidh an taisbeanadh uair a thìde ro gach scrionadh ann an Taigh-cluiche na Fèise agus rè nan eadar-ùineachan. Bidh deochan gan toirt seachad ann am bàr làn cheadaichte is cafaidh ro is an dèidh fhilmichean is òraidean. |








