Farpaisean na Fèise
- Fort William Mountain Festival 2008 Competitions
Co-fharpais filme
Ceann-latha a’ cho-fharpais fhilme: 31 Dùbhlachd 2007.
An dèidh cho soirbheachail ‘s a bha co-fharpais film 2007 tha an fhèis a’ cruthachadh cothroman eile dha luchd-filme bho air feadh na cruinne. Tha sinn ag amas air beatha is cultar nam beann a chomharrachadh, a’ toirt chothroman dha luchd-film neo-dhreuchdail is proifeiseanta an obair fhoillseachadh is an dìoghras airson cultar nam beann a roinn.
Tuilleadh-fiosraidh an seo
Co-fharpais dhealbhach
Ceann-là a’ cho-fharpais dhealbhaich: 31 Dùbhlachd 2007.
Tha fèis nam beann toilichte innse gum bithear a’ ruith co-fharpais dhealbhach ann an trì roinnean de chuspairean beinne. Fosgailte dha farpaisich neo-dhreuchdail is proifeiseanta.
Tuilleadh-fiosraidh an seo
Co-fharpais Sgrìobhaidh Urras
Iain Muir
Ceann-là na farpais sgrìobhaidh: 11 Faoilleach 2008
Fosgailte dha na h-uile, tha sinn a’ coimhead airson sgrìobhadh suas gu 1200 facal air a’ chuspair, àiteachan fiadhaich. Ge bith an ann mu thuras, mu shealladh no mu chuimhneachan a thèid sgrìobhadh, tha comas brosnachaidh gun chrìoch ann.
Tuilleadh-fiosraidh an seo |