English
(Back to English Site)
The Highland Mountain Culture Association Limited
PO Box 7035,
Fort William
PH33 6WR
PRESENTING PARTNER
WEBSITE COURTESY OF
Duilleag nan tiogaidean- Festival Tickets
Ma bhios àite-fuirich a dhìth oirbh aig an fhèis, tadhalaibh air accommodation page.

Faodar ticeadan a ghlèidheadh is a cheannach air loidhne air Eventry. Briog an seo airson na ticeadan agad a ghleidheadh air loidhne Gheibhear na tiogaidean ro-eàrlaisichte bho oifis nan tiogaidean aig Ionad Nibheis air feasgar sam bith den fhèis bho 6f.
Prìsean air loidhne |
£12.50 do dh’inbhich is £10 do chloinn aig Ionad Neibheis |
Prìsean aig an dorais aig Ionad Neibheis |
£14 do dh’inbhich is £12 do chloinn |
- Gheibhear lasachadh buidhne dha buidhnean de 10 no barrachd
- Gheibh luchd-cùraim a tha còmhla ri ciorramaich a-steach an-asgaidh.
- Aire: Lasachaidhean airson fo aois 16 a-mhàin
Poileasaidh iomlaid is ath-dhìolaidh
Cha ghabh tiogaidean an iomlaideachadh, an ath-dhìoladh no an tilleadh, ach a-mhàin ma thèid an tachartas a chur dheth no ma thèid an taisbeanadh no an t-àite atharrachadh.
Ma thèid tachartas a chur dheth air sgàth adhbharan nach eil fo ùghdarras an luchd-eagrachaidh, chan fhaighear air ais ach luach na tiogaid. Feuchaidh an luchd-eagrachaidh ri fios a chur gun fheadhainn a cheannaich na tiogaidean tro fòn, post-d no sgrìobhadh leis an fhiosrachadh a fhuairear. Tha e an urra ris an neach-ceannaich faighinn a-mach a bheil an tachartas a’ dol air adhart. Chan urrainn dhan luchd-eagrachaidh barantas a thoirt mu bhith a’ cur fiosrachadh mu atharrachaidhean ann an ceann-là, uair, àite no susbaint.
Tha am poileasaidh gu h-àrd a’ buntainn a-mhàin ri na prìomh thachartasan a chaidh an sanasachadh gu bhith ann an Theatre Fèise Ionad Nibheis sa Ghearasdan.
TAIGH-CLUICHE FÈISE AIG IONAD NIBHEIS
‘S e The Nevis Centre am prìomh àite filmean is òraidean a th’ againn. Gabhaidh e suas ri 500 neach agus tha filmean is ìomhaighean gan tilgeadh air sgrion 20' le sàr shiostam cuairtichte claistinneach.
Tha Taisbeanadh Ealain is Dealbhan na Fèise ann an Ionad Nibheis, far am faodar ealain sònraichte is ìomhaighean camara a mhealtainn agus bhòtadh airson an ealain as fheàrr leibh. Bidh e fosgailte uair a thìde ro gach film san Taigh-cluiche is sna h-eadar-amannan.
Bidh bàr làn ùghdarraichte is cafaidh a’ frithealadh dheochan ro is an dèidh nam filmean is nan òraidean.
