English
(Back to English Site)

Leig fios

The Highland Mountain Culture Association Limited
PO Box 7035,
Fort William
PH33 6WR

PRESENTING PARTNER

WEBSITE COURTESY OF

 

 

Duilleag nan Òraidean - Lectures

Buadhachas os cionn adhair : Cuairtean-dànachd air An Eiger, El Cap, Patagòinia agus Sligh-Uisge a’ Ghlinne Mhòir

Andy KirkpatrickBidh Anndra Kirkpatrick a’ bruidhinn air a bhliadhna a chaidh seachad, air a ionnsaigh dhuilich air an Eiger na aonar sa Gheamhradh, air iomramh sa churaich ann am Patagòinia còmhla ris a’ BhBC, air dìreadh El Cap còmhla ri streapadair gun eòlas air sreap is gun chomas coiseachd, agus air sgrìob air Canàl a’ Ghlinne Mhòir. ‘S e cuirm èibhinn, fhiosraichte agus ‘s dòcha caran iomagaineach a bhios ann, is math as fhiach e fhaicinn.

Plus films: Africa Revoltions Tour & Contrast

Dihaoine 12 An Gearran | Taigh-cluiche Fèise Ionad Neibhis | 7-10f | Air-loidhne £12.50 do dh’inbhich / £10 do chloinn. Aig an doras: £14 / £12. | Glèidh ticeadan air-loidhne

 

Neach-streapaidh a chuir mi ‘sa can, agus chuid a tha mi airson gan cagnadh

Paul Diffley

Tha Paul Diffey, a tha stèidhichte an Alba, na stiùiriche air leth de dh’fhilmichean chuairtean-deuchainneach is tha e air iomadh duais a chosnadh. Thig na chuideachd airson beagan còmhraidh, agus dealbhan is filmichean fhaicinn. Chì sinn ‘Single-Handed’ am film cliùiteach air Kevin Shields, air a bheil ‘an streapadair a th’ air a leth-làimh’. Ged a rugadh Kevin as aonais cuid mhòir dhe a làimh cheàrr chuir e iongnadh air saoghal nan streapadairean air dha cuairtean-sreap cunnartach is brosnachail a ghabhail sna beanntan. Seallaidh am film na thog an ùidh aig Kevin ann an streap is leanaidh e e tro na diofar ìrean, is crìochnaichidh e leis an oidhirp eagallaich na aonair ann an Gleann Nibheis.

Bidh cothrom ann airson ceistean a chur air Paul is Kevin an dèidh làimh.

Disathairne 13 An Gearran | Taigh-cluiche Fèise Ionad Neibhis | 7-10f | Air-loidhne £12.50 do dh’inbhich / £10 do chloinn. Aig an doras: £14 / £12. | Glèidh ticeadan air-loidhne

 

Jimmy Marshall: Am Fear a Chruthaich Streap an Latha an-diugh an Alba.

Jimmy Marshall

"Rinn Jimmy Marshall is Robin Smith deich bliadhna de leasachadh air streap an Alba taobh a-staigh seachdain iongantaich air Beinn Neibhis ann an 1960. Airson a’ chiad uair riamh rinn cuideigin an gnothach air na sia slighean geamhrachail, Slighe Aghaidh an t-Sealgair (V, 5) nam measg, agus an dàrna dìreadh air Gil nan Còig Ceann. Agus ‘s e gun do rinn iad an gnothach orra agus iad a’ gearradh cheuman san t-sneachd is san deigh a tha cho doirbh dhuinn fhèin a chreidsinn san 21a linn. Bha Marshall cho ealanta san t-sneachd gum b’ urrainn dha ceuman a dhèanamh na bu luaithe na dhèanadh a luchd-taice a bha ga leantainn coiseachd.”

Who's who in British Climbing, Colin Wells

Bidh luchd-streap Bhreatainn fhathast a’ bruidhinn air an t-seachdain aig Marshall is Smith air a’ Bheinn is i air tè dhe na h-oidhirpean a bu chliùitiche a bh’ ann riamh; tha cuid dhen bheachd gur i an turas a b’ fhèarr is a bu sgileil ann an eachdraidh sreap ann am Breatainn.

Airson 50 bliadhna a chomharrachadh, gabhaidh Dave MacLeòid is Andy Turner na h-aon slighean, agus thèid gach turas a chlàradh air film airson na fèise. Tha Dave is Andy mar Marshall is Smith na linne sa, fada air thoiseach air càch is an còmhnaidh a’ bruthadh nan crìochan. Ged a bhios acfhainn ùr na 21a linn aca, cha bheag an deuchainn a bhios romhpa. Bheir an aimsir, an deigh agus na leuman-sneachda buaidh mhòr air an turas aca.

Andy Turner Dave MacLeod

Bidh Jimmy Marshall aig an fhèis Didòmhnaich 13 An Gearran is bidh Dave is Andy a’ bruidhinn air na rinn iad san t-seachdain is a’ dèanamh coimeas le cuimhneachaidhean Jimmy air gearradh ceumannan coise is làimhe le làmhag-deighe. Chì sinn film dhe na slighean a ghabh iad dha na binneanan agus cothrom bruidhinn air na rinn Jimmy le agallamhan aig streapadairean ri linn Jimmy is thar nam bliadhna bhon uair sin.

Am bi e comasach na slighean seo a dhèanamh airson 50 bliadhna a chomharrachadh? ‘S e an gnìomh a dhearbhas! Bidh oidhche air leth ann làn sgeulachdan is dhealbhan aig an luchd-streap as fheàrr ann an Alba is na slighean air Beinn Neibhis a sholaraich iad.

Didòmhnaich 14mh An Gearran | Taigh-cluiche Fèise Ionad Neibhis | 7-10f | Air-loidhne £12.50 do dh’inbhich / £10 do chloinn. Aig an doras: £14 / £12. | Glèidh ticeadan air-loidhne

‘S iad seo na slighean air an do rinneadh an gnothach –

An Similear Mòr (IV,5) 6 An Gearran 1960
A’ Ghil fo Thrì (IV,5) 7 An Gearran 1960
Slighe Mhic a’ Ghobhainn (V,5) 8 An Gearran 1960
Balla-taice an Fhreiceadain (V,4) 9 An Gearran 1960
Gil nan Còig Ceann (V,5) 10 An Gearran 1960
Slighe Phiggott (V,6) 12 An Gearran 1960
Slighe an t-Sealgair (V,5) 13 An Gearran 1960