The Fort William Mountain Festival 2007

     

The Highland Mountain Culture Association Limited, PO Box 7035,
Fort William
PH33 6WR

   01397 700 001

Gaelic translation by Comunn na Gàidhlig

Gaelic translation by Comunn na Gàidhlig

 

HotScot webdesign sponsors the Fort William Mountain Film Festival 

Major Funders

Co-fharpais Sgrìobhaidh Àiteachan Fiadhaich, Tursan Fiadhaich 2008

- The Wild Places, Wild Journeys
Writing Competition 2008

 

Ma fhuair thu brosnachadh bho abhainn, loch, beinn no costa inns dhuinn mu dheidhinn!

A’ leantainn bho shoirbheachadh co-fharpais sgrìobhaidh na bliadhna an-uiridh aig Fèis Beinne a’ Ghearasdain tha Urras John Muir a’ ruith co-fharpais a-rithist dha daoine tha a’ miannachadh a bhith nan sgrìobhadairean.

Fon chuspair fharsaing, ‘blas de dh’àiteachan fiadhaich’ dh’fhaodar sgrìobhadh mu thuras, mu àite, mu chuairt, mu bheinn no abhainn, coiseachd, dìreadh, seòladh no mu churach...ge b’ e dè an t-eòlas fiadhaich bhon d’ fhuair thu brosnachadh!

 Tha sinn ag amas air ar n-àrainneachd is ar n-àiteachan fiadhaich a chomharrachadh le bhith a’ brosnachadh sgrìobhadairean ùra is miannachail sgrìobhadh mun eòlas fhèin agus an sgeulachdan a roinn.

Bidh sgrìobhaidhean a thèid a thaghadh airson beachdachadh deireannach air an taisbeanadh aig Fèis Beinne 2008 a’ Ghearasdain.

Sgrìobhaidhean ann am Beurla no an Gàidhlig.

 

Ceann-là: Feumaidh sgrìobhaidhean a bhith a-staigh air 11 Faoilleach 2008.

Cuingealachadh fhacal: Chan fhaod sgrìobhaidhean a bhith nas fhaide na 1200 facal.

Tha duaisean a’ gabhail a-steach cùrsa-sgrìobhaidh seachdaineach aig ionad Albannach Arvon Foundation, Mon Itheig faisg air Inbhir Nis, agus seachdain de fhèin-sholarachd san àite-fuirich, The Orkney Croft, air Hoy – àite fìor bhrosnachail dha sgrìobhadairean àrainneachd.

‘S i a’ chiad duais sa roinn Ghàidhlig àite air cùrsa sgrìobhaidh (no air cùrsa ciùil no cànan na Gàidhlig) aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach. Pàigheadh Buidheann Leasachaidh Ghàidhlig Loch Abair airson àitichean-fuirich a’ chùrsa seo.

Tha sinn a’ lorg pìos sgrìobhaidh mu dheidhinn fàsach nàdarrach, cuairt-rannsachaidh no turas air muir no air tìr, biodh e fìor no uirsgeulach, rannsachadh àite iomallach, a’ streap, a’ coiseachd, abhainn, loch, no beinn.

Duaisean do Ghàidhlig agus Beurla

Cùrsa no tearmann ann am Moniack Mhòr, Ionad Sgrìobhaidh na h-Alba www.moniackmhor.org.uk Cùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig, Colaiste Ghàidhlig na h-Alba http://www.smo.uhi.ac.uk/ agus àite fuirich seachdaineach anns an Orkney Croft, Hoy www.orkenycroft.co.uk

Am fad as motha: 1200 facal

 

Cuir inntrigeadh gu : Alison Austin, Oifigear Gleidhidh Nibheis, Ionad Dualchais Ghleann Nibheis, Gleann Nibheis, An Gearasdan, PH33 6ST

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun cho-fharpais cuir fios gu Alison Austin aig Urras John Muir air 01397 705049 no air nevis@jmt.org

Tuilleadh mu na duaisean

Tha The Orkney Croft www.orkneycroft.co.uk agus Benethill Café, Hoy, rim faighinn air eilean àlainn Hòigh, Arcaibh. Tha an taigh, a tha aig inbhe 3 rionnagan, ri taobh na mara aig bonn na beinne as àirde ann an Arcaibh am measg seallaidhean àlainn ri taobh tearmann RSPB.

 

‘S e àrainn-ionnsachaidh shònraichte a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig far a bheil solarachd foghlaim àrd-ìre agus obair na colaiste ga ghabhail os làimh ann an Gàidhlig na h-Alba – an t-aon tè de  seòrsa san t-saoghal. Tha na cùrsaichean goirid 5-latha aca a’ còmhdach sàr roghainn de chùrsaichean ciùil, òrain, dannsa is Gàidhlig.

 

‘S e Moniack Mhòr ionad sgrìobhaidh còmhnaidheil na h-Alba a’ tabhann chùrsaichean ann an co-cheangal ri Arvon Foundation. Bhon ionad, àitreabh leasaichte is taigh-taca,  chithear seallaidhean mìorbhaileach de àrainneachd ghàidhealach a tha a’ tabhann suidheachadh sònraichte brosnachail. Thathas a’ teagaisg gach gnè de sgrìobhadh cruthachail agus tha còrr air 2,500 oileanach air pàirt a ghabhail ann an cùrsaichean. Tha na tuitearan a leanas gu bhith ann ann an 2008: Barbara Trapido, A.L.Kennedy, Lesely Glaister, John Byrne, Mairi Hedderwick agus Val McDermid.

 

Tha Moniack Mhòr cuideachd a’ tabhann chùrsaichean dùinte dha sgoiltean, buidhnean sgrìobhadairean agus dha cùmhnantan prìobhaiteach. Tha bursaraidhean is tabhartasan thidsear rim faotainn.

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu Cynthia Rogerson no Rachel Humphries.

Moniack Mhòr Earr., Teavarran, Cill Targhlain, Siorrachd Inbhir Nis, Alba IV4 7HT

Fòn: 01463 741675, m-mhor@arvonfoundation.org, www.moniackmhor.org

The Nevis Partnership
Highland Park Fired Art Nevis Range Inchree Centre Paramo The Crannog Concept e-availability Ellis Brigham ABACUS Mountaineering The Granite House No Fuss Events The Nevis Partnership (Presenting Partner) EventScotland (Major Funder) HotScot Web Site Design The Outdoor Capital of the UK (Major Funder)